4.2 Eaglais Naomh Agaistín

’S e àite sìtheil, bòidheach a th’ ann an Eaglais Naoimh Agaistín suidhichte air ballachan a’ bhaile, agus bho àm na Càisge gu deireadh na Sultaine, bidh cuid den choitheanal a’ fosgladh na h-eaglaise tron latha airson fàilte a chur air luchd-tadhail. Tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh a’ sealltainn gu bheil Eaglais Naoimh Agaistín air an làrach, no faisg air an làrach, far an robh an eaglais a bu tràithe aig na manaich, an ‘dubh regles’ no an ‘eaglais dhubh’.

A rèir nan tionndaidhean de Bheatha Chaluim Chille bhon 12mh is 16mh linn, thug rìgh na sgìre seo, Aodh Mac Ainmhire, fearann do Chalum Cille aig Daire Calgach far am faodadh e manachainn a chur air bhonn.

Gus ‘saothair dhaoine saoghalta’ a sgùradh bhon talamh mus deigheadh a’ mhanachainn a thogail, las Calum Cille teine. Sgaoil an teine agus theab e bad chraobhan daraich a sgrios, ach gus an dìon, rinn Calum Cille ùrnaigh agus chaidh na craobhan a ghleidheadh.

Ann am Beatha Chaluim Chille a chaidh a sgrìobhadh san 12mh linn san abaid, tha an dàn seo:

Is aire charaim Doire
Ar a réide, ar a gloine
Ar is lomlán aingel fionn
Ón chinn co n-ice ar-oile

Seo carson a b’ annsa leam Doire.
Tha e cho socair is soilleir.
Làn ainglean geala.
Bho aon cheann chun fhir eile.

Tha an t-ainm Eaglais Naoimh Agaistín a’ dol air ais gu àm nuair a chaidh manaich Chaluim Chille gu bhith nam pàirt den òrdugh Augustine ann an Èirinn san 12mh linn no san 13mh linn. Chaidh an eaglais a th’ ann an-dràsta a thogail tràth san 17mh linn, ach chaidh a togail às ùr san 18mh linn is san 19mh linn.

 

a' faighinn ann

Tha Eaglais Naomh Agaistin air taobh siar balla a’ chathair-bhaile mar a thig thu suas an cnoc ri taobh Sràid a’ Mhagasain.

Tha an eaglais fosgailte do luchd-turais bhon Chàisg chun Dàmhair, Diluain – Disathairne 10m-4f agus Là na Sàbaid airson seirbheisean.


 
   
  • Guild Hall Derry
     

    4.1 Ceàrnag Talla a' Bhaile, Port na Long.

    Sna meadhan-aoisean sa bhaile, b’ e Port nan Long a bh’ aca air Ceàrnag Talla a' Bhaile a bha air bruach Abhainn an Fheabhail. B’ e sin a’ phrìomh shlighe a-steach don bhaile san linn sin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.2 Eaglais Naomh Agaistín

    Dh’fhaodadh gur e Eaglais Naomh Agaistín làrach manachainn Chaluim Chille ann an Doire a chaidh a stèidheachadh aig deireadh an 6mh linn.

  • Áras Cholmcille
     

    4.3 Áras Cholmcille

    Tha Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille – air fearann Eaglais an Tùir Fhada.

  • Eaglais an Tùir Fhada
     

    4.4 Eaglais an Tùir Fhada

    Chaidh an eaglais Chaitligeach seo a togail faisg air dà làrach Chrìosdail chudromach ann an Doire. Bha tùr cruinn manachainn Dhoire faisg air an làrach seo chun 17mh linn agus is ann bhuaithe a tha ainm Eaglais an Tùir Fhada a’ tighinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.5 Tobar Chaluim Chille

    Is e an tobar coisrigte seo am fòcas airson là sònraichte air 9 Ògmhios – là fèill Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.6 Mòr Eaglais Chaluim Chille

    Chaidh cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille a bhuineas do dh’Eaglais na h-Èireann a togail eadar 1628 agus 1633. Ged a tha daoine air a bhith a’ tuineachadh a’ bhaile seo o chionn ùine mhòir is e seo an togalach as sine a tha ann an Doire.