4.3 Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille

Áras Cholmcille © Tourism NI

Tha Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille – air fearann Eaglais an Tùir Fhada. ’S e àite fìor mhath a th’ ann gus sealladh farsaing fhaighinn air na sgeulachdan is cunntasan co-cheangailte ri Calum Cille, an naomh aig an robh làmh mhòr ann an stèidheachadh a’ bhaile agus a tha na naomh-taice don àite. Tha taisbeanaidhean eadar-ghnìomhach ann le bhidiothan is clàraidhean, agus tha grunn nithean-cruinnichte air an taisbeanadh, agus tha diofar ghoireasan ann do luchd-tadhail, leithid cafaidh.

Coltach ri Eaglais an Tùir Fhada, tha Áras Cholmcille faisg air no air làrach an Teampaill Mhòir, eaglais mhòr bhon 12mh linn.

Bhiodh luchd-taisteil nam meadhan-aoisean a’ tòiseachadh aig an t-seann chaladh, agus bhiodh iad a’ crìochnachadh faisg air an Teampall Mhòr ann an àite ris an canar An tIompú Deiseal, a tha a’ ciallachadh ‘an tionndadh gu deas’. Bhathar a’ creidsinn gum faca Calum Cille Crìosd an sin, agus e ann an riochd dhèircich.

Tha Áras Cholmcille suidhichte ann an seann sgoil a chaidh a thogail ann an 1813. B’ e Sgoil Nàiseanta Chaluim Chille a bh’ innte, ris an canadh daoine “Sgoil Bheag nam Mnathan-cràbhaidh”.

 

a' faighinn ann

Bho Eaglais Naoimh Agaistín, coisichibh suas an cnoc air ballaichean a’ bhaile timcheall gu Geata an Easbaig. Theirigibh sìos na steapaichean agus air falbh bho na ballaichean air Sràid an Easbaig A-muigh. Gus na steapaichean a sheachnadh, tionndaidhibh chun na làimh chlì mus ruig sibh Ionad nan Ealain Labhairteach, agus theirigibh tro Gheata an Easbaig a-steach gu Sràid an Easbaig A-muigh. Nuair a ghabhas sibh an rathad seo, gabhaibh an treas sràid air an làimh dheis a-steach do Shràid an Tùir Fhada agus leanaibh an soidhne airson Áras Cholmcille.


 
   
  • Guild Hall Derry
     

    4.1 Ceàrnag Talla a' Bhaile, Port na Long.

    Sna meadhan-aoisean sa bhaile, b’ e Port nan Long a bh’ aca air Ceàrnag Talla a' Bhaile a bha air bruach Abhainn an Fheabhail. B’ e sin a’ phrìomh shlighe a-steach don bhaile san linn sin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.2 Eaglais Naomh Agaistín

    Dh’fhaodadh gur e Eaglais Naomh Agaistín làrach manachainn Chaluim Chille ann an Doire a chaidh a stèidheachadh aig deireadh an 6mh linn.

  • Áras Cholmcille
     

    4.3 Áras Cholmcille

    Tha Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille – air fearann Eaglais an Tùir Fhada.

  • Eaglais an Tùir Fhada
     

    4.4 Eaglais an Tùir Fhada

    Chaidh an eaglais Chaitligeach seo a togail faisg air dà làrach Chrìosdail chudromach ann an Doire. Bha tùr cruinn manachainn Dhoire faisg air an làrach seo chun 17mh linn agus is ann bhuaithe a tha ainm Eaglais an Tùir Fhada a’ tighinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.5 Tobar Chaluim Chille

    Is e an tobar coisrigte seo am fòcas airson là sònraichte air 9 Ògmhios – là fèill Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.6 Mòr Eaglais Chaluim Chille

    Chaidh cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille a bhuineas do dh’Eaglais na h-Èireann a togail eadar 1628 agus 1633. Ged a tha daoine air a bhith a’ tuineachadh a’ bhaile seo o chionn ùine mhòir is e seo an togalach as sine a tha ann an Doire.