4.4 Eaglais an Tùir Fhada

interior long tower church © Eaglais Naoimh Calum Cille, An Túr Fada

Thathar cha mhòr cinnteach gu bheil Eaglais an Tùir Fhada (coltach ri Eaglais an Naoimh Augustine agus Áras Cholmcille) suidhichte san àite far an robh seann tuineachadh nam manach ann an Doire sna meadhan-aoisean. Fhuair i a h-ainm bho thùr cruinn a bha na sheasamh ann suas chun na 17mh linn. Bha an tùr cruinn sin ri taobh an Teampaill Mhòir agus bha e na mhìorbhail is na annas do dhaoine nuair a chaidh a thogail ann an 1163.

Chaidh Beatha Chaluim Chille a sgrìobhadh ann an Gaeilge ann an Doire eadar 1150-1182. Tha e a’ toirt cunntas air beatha an naoimh agus an turas a thathar ag ràdh a thug e agus e a’ siubhal air feadh na h-Èireann a’ stèidheachadh eaglaisean is manachainnean. Tha an cunntas seo agus cunntasan eile ag ràdh gun do stèidhich Calum Cille coimhearsnachdan Crìosdaidh le manaich ann an àiteachan mar Mhaoin Chaluim Cholmcille ann an Contae Chill Dara, Sord Cholmcille ann an Contae Bhaile Átha Cliath, agus Ceanannas ann an Contae na Mí. ’S ann san linn seo a chaidh eaglais Dhoire a chur os cionn eaglaisean Chaluim Chille uile ann an Èirinn.

Ged a chaidh lùghdachadh a thoirt air cumhachd na h-abaid nuair a thàinig na Normanaich, bha i fhathast ann chun na 16mh linn, agus chaidh an Teampall Mòr gu bhith na chathair-eaglais sna meadhan-aoisean. Chaidh an togalach a sgrios le spreadhadh ann an 1567, nuair a bha saighdearan Sasannach a’ dèanamh feum dheth mar stòr airson pùdar.

Chaidh Eaglais an Naoimh Calum Cille, an Tùr Fada, a thogail ann an 1784, agus phàigh Caitligich agus Pròstanaich air a son. San 19mh linn, bha sgeulachdan is beatha Chaluim Chille fhathast a’ toirt buaidh air a’ bhaile agus air togalaichean a’ bhaile. Aig deireadh na 19mh linn agus toiseach na 20mh linn, chaidh an eaglais a leudachadh is atharrachadh fo stiùir Mhaighstir Uilleim Doherty, gus an Teampall Mòr a thogail mar a tha e an-diugh. Tha glainne-dhathte, breac-dhualadh, agus sgrìobhaidhean air ùrlar na h-eaglaise agus os cionn prìomh dhoras na h-eaglaise uile a’ sealltainn a’ cheangail a th’ aig an eaglais ri Calum Cille agus ris a’ mhanachainn a bh’ ann nuair a chaidh Doire a stèidheachadh.

Taobh a-muigh na h-eaglaise, tha clach bullán air a cur sa bhalla fo shealladh de Chalbharaidh. Gheibhear tuill chruinn sna clachan bullán a chumadh uisge coisrigte. Chaidh a' chlach seo a chur sa bhalla air 9 Ògmhios 1898 - latha an Naoimh Calum Cille. Chaidh a gluasad, bliadhna ron sin, le Maighstir Uilleam Doherty bhon àite far an robh i roimhe faisg air Tobar Chaluim Chille.

Derry long tower font © Alan Sproull
 

a' faighinn ann

Bho Eaglais Naomh Agaistin coisich suas an cnoc air ballachan a’ bhaile agus timcheall gus an ruig thu Geata an Easbaig (Bishop's Gate). Gabh sìos an staidhre agus cùm air falbh bho na ballachan air Sràid an Easbaig A-muigh (Bishop Street Without). A’ coiseach sìos an rathad seo tionndaidh gu do làimh cheart aig an dàrna sràid agus tha thu a-nis air Sràid an Tùir Fhada agus lean an t-soidhne gu Eaglais an Tùir Fhada.


 
   
  • Guild Hall Derry
     

    4.1 Ceàrnag Talla a' Bhaile, Port na Long.

    Sna meadhan-aoisean sa bhaile, b’ e Port nan Long a bh’ aca air Ceàrnag Talla a' Bhaile a bha air bruach Abhainn an Fheabhail. B’ e sin a’ phrìomh shlighe a-steach don bhaile san linn sin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.2 Eaglais Naomh Agaistín

    Dh’fhaodadh gur e Eaglais Naomh Agaistín làrach manachainn Chaluim Chille ann an Doire a chaidh a stèidheachadh aig deireadh an 6mh linn.

  • Áras Cholmcille
     

    4.3 Áras Cholmcille

    Tha Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille – air fearann Eaglais an Tùir Fhada.

  • Eaglais an Tùir Fhada
     

    4.4 Eaglais an Tùir Fhada

    Chaidh an eaglais Chaitligeach seo a togail faisg air dà làrach Chrìosdail chudromach ann an Doire. Bha tùr cruinn manachainn Dhoire faisg air an làrach seo chun 17mh linn agus is ann bhuaithe a tha ainm Eaglais an Tùir Fhada a’ tighinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.5 Tobar Chaluim Chille

    Is e an tobar coisrigte seo am fòcas airson là sònraichte air 9 Ògmhios – là fèill Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.6 Mòr Eaglais Chaluim Chille

    Chaidh cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille a bhuineas do dh’Eaglais na h-Èireann a togail eadar 1628 agus 1633. Ged a tha daoine air a bhith a’ tuineachadh a’ bhaile seo o chionn ùine mhòir is e seo an togalach as sine a tha ann an Doire.