4.5 Tobair Chaluim Chille

st Columbas well Alan Sproull

Bidh an tobar naomh seo an teis-meadhan nan tachartasan a bhios ann gach bliadhna air 9 Ògmhios gus Latha Chaluim Chille a chomharrachadh. Bidh daoine a’ caismeachd sìos an cnoc bho Eaglais an Tùir Fhada chun na tobrach, agus thèid an tobair a bheannachadh le sagart a dh’iarras gum bi luchd-leanmhainn Chaluim Chille air an dìon, an fheadhainn ‘a choisicheas far an do choisich e, agus a nì ùrnaigh far an do rinn esan ùrnaigh’. Bidh daoine a’ lìonadh bhotal le uisge agus gan toirt dhachaigh. Thathar ag ràdh gu bheil buaidh leighis aig an uisge, agus gu bheil e gu h-àraidh math airson tinneasan sùla.

A rèir na beatha a sgrìobh Mánas Ó Dónaill, chaidh pàiste a thoirt gu Calum Cille airson a bhaisteadh, ach cha robh uisge ri làimh agus mar sin rinn an naomh soidhne na croise os cionn na cloiche agus thàinig uisge aiste.

Tha ainm a’ bhaile a’ tighinn bhon fhacal Gaeilge doire a tha a’ ciallachadh coille dharaich. Bidh an tobair air a sgeadachadh le duilleagan daraich air 9 Ògmhios agus bidh luchd-taisteil a’ cur dhuilleagan daraich air an aodach aca.

Sna meadhan-aoisean bha trì tobraichean an seo air an coisrigeadh do naoimh, aon tè don Naomh Calum Cille, tè don Naomh Adhamhnán (a chaidh a dh’Eilean Ì mar aon de na h-Abachan air an eilean a thàinig às dèidh Chalum Chille agus a sgrìobh eachdraidh-beatha Chaluim Chille), agus tè don Naomh Màrtainn à Tours. Chithear clach bullán a bha uair aig an tobar shuas aig Eaglais an Tùir Fhada.

Chaidh na pumpaichean sgeadaichte a chur ann ann an 1897. Aig an àm sin b’ e seo am prìomh sholar uisge airson nan taighean a bha uair air an leathad seo fo fhasgadh ballachan a’ bhaile.

Tha an tobar a-nis am measg sreath de thaighean aon-làir ris an canar Tobraichean Chaluim Chille. Tha sreath fada de steapaichean a chì sibh ri taobh Áras Cholmcille gur toirt ann. Cuideachd, faodaidh luchd-tadhail faighinn chun na tobrach le bhith dol suas Sràid Fahan tro Gheata a’ Bhùidseir air Sràid na h-Armlainn. Faodaidh sibh cuideachd tilleadh tro Shràid Fahan agus Geata a’ Bhùidseir gu Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille no chun an àite far a bheil an t-slighe a’ tòiseachadh.

 

a' faighinn ann

Mar a bhios tu a’ dol air ais gu ballachan a’ chathair-bhaile bho Eaglais an Tùir Fhada, gabh gu do làimh chlì air falbh bho Sràid an Easbaig A-muigh (Bishop Street Without) – dìreach mus ruig thu na ballachan – agus tha thu a-nis air Sràid Nàileir.

Lean ort sìos Sreath nan Nàilearan gu bonn an leothaid agus tionndaidh gu do làimh cheart gu Rathad Leacaidh no coisich air na bruaichean – glasach a tha fo ballachan a’ bhaile – gu an sreath de thaighean geala air an taobh as fhaisge den rathad mhòr.

Tha an tobair eadar na taighean sin, air an t-sreath ris an canar Tobraichean Naomh Chaluim Chille.

tuilleadh fiosrachaidh...


 
   
  • Guild Hall Derry
     

    4.1 Ceàrnag Talla a' Bhaile, Port na Long.

    Sna meadhan-aoisean sa bhaile, b’ e Port nan Long a bh’ aca air Ceàrnag Talla a' Bhaile a bha air bruach Abhainn an Fheabhail. B’ e sin a’ phrìomh shlighe a-steach don bhaile san linn sin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.2 Eaglais Naomh Agaistín

    Dh’fhaodadh gur e Eaglais Naomh Agaistín làrach manachainn Chaluim Chille ann an Doire a chaidh a stèidheachadh aig deireadh an 6mh linn.

  • Áras Cholmcille
     

    4.3 Áras Cholmcille

    Tha Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille – air fearann Eaglais an Tùir Fhada.

  • Eaglais an Tùir Fhada
     

    4.4 Eaglais an Tùir Fhada

    Chaidh an eaglais Chaitligeach seo a togail faisg air dà làrach Chrìosdail chudromach ann an Doire. Bha tùr cruinn manachainn Dhoire faisg air an làrach seo chun 17mh linn agus is ann bhuaithe a tha ainm Eaglais an Tùir Fhada a’ tighinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.5 Tobar Chaluim Chille

    Is e an tobar coisrigte seo am fòcas airson là sònraichte air 9 Ògmhios – là fèill Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.6 Mòr Eaglais Chaluim Chille

    Chaidh cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille a bhuineas do dh’Eaglais na h-Èireann a togail eadar 1628 agus 1633. Ged a tha daoine air a bhith a’ tuineachadh a’ bhaile seo o chionn ùine mhòir is e seo an togalach as sine a tha ann an Doire.