4.6 Mòr Eaglais Chaluim Chille

Chaidh Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille aig Eaglais na h-Èireann a thogail eadar 1628 is 1633, agus thathar an ìre mhath cinnteach gu bheil i air, no faisg air, làrach far an robh Taigh nam Mnathan-cràbhaidh Cistercianach a tha mapaichean bho mu 1600 a’ sealltainn. Ged a tha eachdraidh fhada ann de dhaoine a bhith fuireach air làrach a’ bhaile, seo an togalach as sine ann an Doire a tha fhathast na sheasamh. Chaidh a’ chathair-eaglais a leudachadh is atharrachadh thar nam bliadhnaichean, agus chaidh ath-nuadhachadh mòr a dhèanamh oirre o chionn ghoirid.

Derry st Columns cathedral Alan Sproull

B’ i a’ chiad chathair-eaglais Anglacach a chaidh a thogail ann an Èirinn bho àm an Ath-leasachaidh. Tha a’ chlach choisrigidh airson nuair a chaidh a’ chathair-eaglais a thogail ri faicinn taobh a-staigh an dorais air taobh siar na h-eaglaise agus tha i a’ cuimhneachadh air na daoine à Lunnainn a phàigh air a son,

If stones could speake
Then Londons prayse should sounde
Who built this church and cittie
From the grounde

Air a cur ris a’ chloich sin, tha clach nas lugha is nas sine, agus thathar ag ràdh gun tàinig i bhon Teampall Mhòr, cathair-eaglais Dhoire sna meadhan-aoisean.

Tha uinneag le glainne-dhathte a’ cuimhneachadh air Calum Cille agus tha i suidhichte ann an earra-dheas na h-eaglaise ann an Caibeal an Àrd-easbaig Alexander. B’ e sgrìobhadair laoidhean is bana-bhàrd a bh’ ann am bean an Àrd-easbaig Alexander, ise Cecil Frances Alexander. Fhuair i aithne airson laoidhean is laoidhean Nollaig mar Once in royal David’s city, agus There is a green hill far away, ach sgrìobh i laoidh cuideachd airson naomh a’ bhaile.

 

a' faighinn ann

Gus dol gu Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille bho Thobraichean Chaluim Chille, coisichibh suas Sràid Fahan agus tro Gheata a’ Bhùidseir ann am ballachan a’ bhaile. Theirigibh tron Daoimean agus tionndaidhibh chun na làimhe clì gu Sràid an Easbaig A-staigh agus an uair sin tionndaidhibh chun na làimhe clì dìreach mus ruig sibh Taigh na Cùirte.

Gus faighinn gu Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille bho Áras Cholmcille, theirigibh tro Gheata an Easbaig ann am ballachan a’ bhaile. Coisichibh sìos Sràid an Easbaig agus tionndaidhibh chun na làimhe deise dìreach pìos beag seachad air Taigh na Cùirte.

tuilleadh fiosrachaidh...


 
   
  • Guild Hall Derry
     

    4.1 Ceàrnag Talla a' Bhaile, Port na Long.

    Sna meadhan-aoisean sa bhaile, b’ e Port nan Long a bh’ aca air Ceàrnag Talla a' Bhaile a bha air bruach Abhainn an Fheabhail. B’ e sin a’ phrìomh shlighe a-steach don bhaile san linn sin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.2 Eaglais Naomh Agaistín

    Dh’fhaodadh gur e Eaglais Naomh Agaistín làrach manachainn Chaluim Chille ann an Doire a chaidh a stèidheachadh aig deireadh an 6mh linn.

  • Áras Cholmcille
     

    4.3 Áras Cholmcille

    Tha Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille – air fearann Eaglais an Tùir Fhada.

  • Eaglais an Tùir Fhada
     

    4.4 Eaglais an Tùir Fhada

    Chaidh an eaglais Chaitligeach seo a togail faisg air dà làrach Chrìosdail chudromach ann an Doire. Bha tùr cruinn manachainn Dhoire faisg air an làrach seo chun 17mh linn agus is ann bhuaithe a tha ainm Eaglais an Tùir Fhada a’ tighinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.5 Tobar Chaluim Chille

    Is e an tobar coisrigte seo am fòcas airson là sònraichte air 9 Ògmhios – là fèill Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.6 Mòr Eaglais Chaluim Chille

    Chaidh cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille a bhuineas do dh’Eaglais na h-Èireann a togail eadar 1628 agus 1633. Ged a tha daoine air a bhith a’ tuineachadh a’ bhaile seo o chionn ùine mhòir is e seo an togalach as sine a tha ann an Doire.