Eilean Ì

Tha Eilean Ì far costa iar-dheas Eilean Mhuile. B’ ann air an eilean bòidheach seo a chaidh manachainn Chaluim Chille a stèidheachadh ann an 563.

Bha Eilean Ì aig teis-mheadhan familia eaglaisean agus tuineachaidhean cràbhach a bha air feadh taobh siar na h-Alba, a chaidh a stèidheachadh le Calum Cille agus an fheadhainn a thàinig às a dhèidh.

Gus faighinn chun eilean san là an-diugh feumar a dhol air aiseag às an Òban, agus draibheadh thairis air ceann a deas Mhuile agus an uair sin air bàta gu Eilean Ì – ach ann an là Chaluim Chille, b’ ann air a’ mhuir a bhiodh daoine a’ siubhal.

Aon uair ’s gun tòisich thu a’ coimhead air an eilean bho thaobh na mara, tuigidh tu gu math luath cho faisg ’s a tha e air eileanan Innse Gall, taobh siar na h-Alba agus costa a tuath na h-Èireann.

Tha Adhamhnan, a thàinig às dèidh Chaluim Chille mar Ab air Eilean Ì agus a bha na ùghdar san 7mh linn air Beatha Chaluim Chille, tric ag ainmeachadh gun robh manaich a’ siubhal eadar na h-eileanan agus na b’ fhaide na sin, agus a’ fàilteachadh luchd-turais chun mhanachainn.

Tadhal air an eilean sìtheil seo agus faigh a-mach mun dìleab de bheatha agus obair Chaluim Chille.

Tha an t-eilean air a bhith ann an cùram Urras Nàiseanta na h-Alba bho 1979. Tha toglaichean na h-Abaid agus làraich eaglaiseil eile air a bhith air an stiùireadh le Alba Aosmhor bho 2000. ‘S e am buidheann Coimhearsnachd Eilean Ì, gluasad eadar-eaglaiseil, a tha nan luchd-gabhail taobh a-staigh àrainn na h-Abaid, far am bidh iad a’ dèanamh adhradh agus a’ gabhail ri aoighean tro mhìosan an t-samhraidh.

A’ faighinn ann

Faic làrach-lìn Calmac airson uairean-seòlaidh an aiseig bhon Òban gu Muile agus bho Fionnphort gu Eilean Ì.

 
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.1 Na Croisean Mòra agus an Abaid

    Ràinig Calum Cille Eilean Ì ann am 563 an dèidh dha Doire (4.5) ann an Èirinn fhàgail. A rèir beul-aithris, bha Calum Cille a’ coimhead airson àite san togadh e a mhanachainn far nach biodh e comasach dha a sheann dùthaich fhaicinn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.2 Abaid, Clabhstar agus Eileach

    Bha am ‘Vallum’ no an t-Eileach a’ comharrachadh crìoch fearann manachainn Chaluim Chille air Eilean Ì. Chaidh a chruthachadh le dà bhruaich air gach taobh de chlais dhomhain.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.3 Teampall agus Rèilig Òdhrain

    Coisich sìos ‘Sràid nam Mairbh’ bhon Abaid gu Teampall agus Cladh Òdhrain. Bhithte a’ cleachdadh an t-slighe taisteil meadhan-aoiseil airson tòrraidhean air an t-slighe chun chladh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.4 An Eaglais Dhubh

    Chaidh an Eaglais Dhubh a togail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.5 Port nam Mairtear

    Tha Port nam Mairtear dìreach deas air meadhan a’ bhaile, seachad air Bàgh Rònain. Tha e air ainmeachadh às dèidh nan 68 manach a chaidh am marbhadh leis na Lochlannaich a thug ionnsaigh air an eilean ann an 806.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.6 Cnoc nan Aingeal

    A rèir Adhamhnan, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille is e seo far am facas e a’ coinneachadh ris na h-ainglean.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.7 Bàgh Chaluim Chille

    Thàinig Calum Cille gu Eilean Ì bho Earra-Ghàidheal ann an 563 far an robh e air a bhith a’ sireadh cead manachainn a thogail air fearann a bhuineadh don chinneadh a bha a’ riaghladh an sin – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.8 An Cobhan Cùilteach

    Chan eil air fhàgail san là an-diugh den Chobhan Chùilteach ach stèidh chlach nach eil snaighte airson bothan a bha ann an cumadh uighe agus a bhiodh air a thogail le fiodh no sgrathan. Tha an doras dhan àird an iar-dheas gus solas an là a ghlacadh.