Ràinig Calum Cille Eilean Ì ann am 563 an dèidh dha Doire ann an Èirinn fhàgail.
A rèir beul-aithris, bha Calum Cille a’ coimhead airson àite san togadh e a mhanachainn far nach biodh e comasach dha a sheann dùthaich fhaicinn – agus sin bu choireach gun do thagh e Eilean Ì.
Bha e cuideachd airson àite a lorg far am biodh e comasach dha a bhith a’ fuireach agus ag obair ann an sìth. B’ ann leis an Dàl Riata a bha Eilean Ì agus bha sgìrean mòra de dh’Earra-Ghàidheal agus taobh ear-thuath Èirinn fo an smachd. Is dòcha gun tug Conall, rìgh Dhàl Riata, cead dha Calum Cille a mhanachainn a thogail air an fhearann seo.
Dh’fhàs manachainn Chaluim Chille gu bhith aig teis-mheadhan lìonra de thuineachaidhean cràbhach air feadh Earra-Ghàidheal, na h-eileanan a-muigh agus nas fharsaing na sin gu tìr nan Cruithneach agus gu manachainn Lindisfarne ann an ceann a tuath Shasainn . Bha am familia de mhanaich is chlèirich co-cheangailte ri Calum Cille agus na manaich a thàinig às a dhèidh mar Ab an Eilean Ì.
Na Croisean Àrda
Air taobh a-muigh na h-Abaid, chì thu Crois Naomh Màrtainn. Tha pàirtean de cheithir chroisean àrsaidh air Eilean Ì, a th’ air an coisrigeadh do Mhàrtainn, Mhata, Eòin is Òdhran.
Is dòcha gu bheil na croisean a’ comharrachadh làrach eaglais àrsaidh a bha air Eilean Ì agus uaigh Chaluim Chille. Dh’fhaodadh gun robh iad air an cleachdadh mar chomharran do thaistealaich a bha a’ dol air an t-slighe gu ionad coisrigte Chaluim Chille am broinn na h-Abaid.
Chan eil ach Crois Naomh Màrtainn – a chaidh a dèanamh eadar 750 agus 800 – fhathast ann an seo is i slàn agus na seasamh far an robh i fo thùs. Tha mac-samhail de Chrois Eòin faisg air làimh. Tha a' chiad chrois Eòin a thuilleadh air Crois Òdhrain, a chaidh a dheanamh às ùr, agus Crois Naomh Mata mar phàirt de thaisbeanadh ùr cudromach ann an Taigh-tasgaidh na h-Abaid, a chaidh a fhosgladh a-rithist san Ògmhios 2013.
Dh’fhaodadh gun robh ceangal sònraichte aig manaich Eilean Ì ris an Naomh Màrtainn. B’ e saighdear Ròmanach a bha anns an naomh sa 4mh linn ach chunnaic e sealladh de Chrìosd agus cha leigeadh a chogais leis cumail air na shaighdear. Bha e an dèidh sin na Easbaig ann an Tours ach bha e beò ann an dòigh chruaidh am measg aonranaich a bha a’ fuireach ann an uamhan. Bha an Naomh Màrtainn a’ riochdachadh an seòrsa beatha chràbhach a bha manaich Eilean Ì a’ sireadh – bha àite cudromach aige san eaglais agus aig an aon àm bha e a’ leantainn beatha de bhochdainn agus de shìmplidheachd.
Tha taobh siar Crois Naomh Màrtainn sgeadaichte le seallaidhean bhon Bhìoball a tha a’ gabhail a-steach An Òigh agus an Leanabh, Dàniel ann an Garaidh an Leòmhainn, Daibhidh agus Goliath, agus Daibhidh agus Sòl. Tha an taobh an ear sgeadaichte le cnapan agus nathraichean iom-fhillte, a bha cumanta mar shamhlan sgeadachaidh ann an snaighidhean Crìosdail an ama seo.
Tha a’ mheas a bha aig daoine air an Naomh Màrtainn air fhaicinn ann an ainmean-àitean air feadh na h-Alba – a’ gabhail a-steach Cille Mhàrtainn ann am meadhan Earra-Ghàidheal a tha a’ ciallachadh ‘Eaglais Naomh Màrtainn’ agus an coisrigeadh den eaglais on 8mh linn ann am Whithorn, Dùn Phris & Gall-Ghàidhealaibh dhan naomh.
Tòrr an Aba
Tha arceòlaichean air lorg fhaighinn air a’ bhoth bheag air an tom bheag seo ris an canar Tòrr an Aba faisg air Crois Naomh Màrtainn.
Dh’fhaodadh gur e seo a’ bhoth sam biodh Calum Cille a’ sgrìobhadh, mar a rinn Adhamhnan dealbh air,
About a little ink-horn foolishly tipped over
One day, shouting was heard from the other side of the Sound of Iona. The saint was sitting in his raised wooden hut and heard this, saying:
“The man who is shouting across the Sound is too careless to watch what he is doing. Today he will tip over my little horn and spill the ink.”
His servant Diarmait heard him say this and for a while he stood by the door waiting for the clumsy guest to arrive so that he could keep him away from the ink-horn. But soon he moved away for some other purpose, and then the troublesome visitor arrived. As he went forward to kiss the saint, he upset the horn with the edge of his garment and spilt the ink.
Beatha Chaluim Chille le Adhamhnan, Leabhar 1: 27
Tha Adhamhnan a’ dèanamh dealbh de Chalum Chille a’ cleachdadh dà thogalach eadar-dhealaichte na bheatha-làitheil – both sam biodh e a’ sgrìobhadh agus both eile sam biodh e a’ cadal ‘anns am biodh e a’ cleachdadh creag lom fodha an àite connlach agus clach mar chluasag’.