7.3 Teampall agus Rèilig Òdhrain

Tha frith-rathad de chlachan a' ruith eadar Crois Naomh Màrtainn agus balla a' chlaidh. Is e seo an aon phìos a chithear de 'Sràid nam Marbh', slighe thaistealaich meadhan-aoiseil a bha air a chleachdadh airson giùlain tiodhlacaidh. Is e Seipeal Òdhrain an carragh-cuimhne eaglaiseil as sine air Eilean Ì, a' dol air ais gu an 12mh linn. Dh'fhaodadh gun deach a thogail mar thuam teaghlaich do Chlann 'Ic Dhòmhnaill, an sliochd ainmeil a bha a' riaghladh aig an àm. Thathar cinnteach gu bheil an cladh - Rèilig Òdhrain nas aosta na an t-seipeal agus tha aon nòs a' cumail a-mach gur e àite tiodhlacaidh rìghrean annsa na tràth-aoisean a bh'ann, ach chan eil mòran fianais ri fhaighinn air an sin. Thathar cinnteach gun robh cinn-cinnidh agus gaisgich na Gàidhealtachd an Iar air an tiodhlacadh an seo, agus faodar an leacan-uaighe fhaicinn san Taigh-tasgaidh agus sna Clabhstairean. Dh'fhaodadh tun robh càirdeas aig Òdhran ri Calum Cille,agus cha robh e air an liosta aig Àdhamhnan mar aon de chompanaich an naoimh aig toiseach a thurais an an Eilean Ì. Is e uirsgeul mòran nas fhaide sna meadhan-aoisean a tha a' ceangal Òdhran ris a' chladh seo.

Is e Teampall Òdhrain an togalach as sine air Eilean Ì. Tha e a’ dol air ais chun 12mh linn agus dh’fhaodadh gun deach a thogail mar thuam teaghlaich do na Dòmhnallaich, aon de na cinnidhean a bu chumhachdaich aig an àm ud.

Street of the Dead © Anticath

Bha an teampall na thobhta mu thoiseach an 17mh linn agus cha robh mullach air aig toiseach an 20mh linn. Chaidh ath-leasachadh ann an 1957 an uair a chaidh Coimhearsnachd Eilean Ì a stèidheachadh.

Orans Chapel and Graveyard © Jim Brodie

Tha mòran dha na leacan-uaighe a bha ann an seo a-nis ann an taigh-tasgaidh na h-Abaid.

 
 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.1 Na Croisean Mòra agus an Abaid

    Ràinig Calum Cille Eilean Ì ann am 563 an dèidh dha Doire (4.5) ann an Èirinn fhàgail. A rèir beul-aithris, bha Calum Cille a’ coimhead airson àite san togadh e a mhanachainn far nach biodh e comasach dha a sheann dùthaich fhaicinn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.2 Abaid, Clabhstar agus Eileach

    Bha am ‘Vallum’ no an t-Eileach a’ comharrachadh crìoch fearann manachainn Chaluim Chille air Eilean Ì. Chaidh a chruthachadh le dà bhruaich air gach taobh de chlais dhomhain.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.3 Teampall agus Rèilig Òdhrain

    Coisich sìos ‘Sràid nam Mairbh’ bhon Abaid gu Teampall agus Cladh Òdhrain. Bhithte a’ cleachdadh an t-slighe taisteil meadhan-aoiseil airson tòrraidhean air an t-slighe chun chladh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.4 An Eaglais Dhubh

    Chaidh an Eaglais Dhubh a togail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.5 Port nam Mairtear

    Tha Port nam Mairtear dìreach deas air meadhan a’ bhaile, seachad air Bàgh Rònain. Tha e air ainmeachadh às dèidh nan 68 manach a chaidh am marbhadh leis na Lochlannaich a thug ionnsaigh air an eilean ann an 806.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.6 Cnoc nan Aingeal

    A rèir Adhamhnan, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille is e seo far am facas e a’ coinneachadh ris na h-ainglean.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.7 Bàgh Chaluim Chille

    Thàinig Calum Cille gu Eilean Ì bho Earra-Ghàidheal ann an 563 far an robh e air a bhith a’ sireadh cead manachainn a thogail air fearann a bhuineadh don chinneadh a bha a’ riaghladh an sin – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.8 An Cobhan Cùilteach

    Chan eil air fhàgail san là an-diugh den Chobhan Chùilteach ach stèidh chlach nach eil snaighte airson bothan a bha ann an cumadh uighe agus a bhiodh air a thogail le fiodh no sgrathan. Tha an doras dhan àird an iar-dheas gus solas an là a ghlacadh.