7.4 An Eaglais Dhubh

Chaidh an Eaglais Dhubh a thogail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir.

Lean Beathag an Riaghailt Agaistineach. Bha aon den dà eaglais dhubh Agaistineach a bha ann an Alba an seo air Eilean Ì (bha an tè eile ann am Peairt) ach bha mòran eile ann an Èirinn. Dh’fhaodadh gur e mnathan Èireannach a bha anns na ciad cailleachan-dubha a bha an seo. Fhuair i an t-ainm Eaglais Dhubh seach gur ann dubh a bha aodach nam mnathan cràbhaidh.

Bha Taigh nan Cailleachan-dubha le chlabstar agus eaglais mar shamhail na bu lugha de dh’Abaid Eilean Ì. Tha na tha air fhàgail a’ sealltainn cò ris a bha an Eaglais Dhubh – agus an Abaid – coltach san 13mh linn. Tha na pàirtean den eaglais as fheàrr a tha air an gleidheadh air an taobh tuath agus siar.

Aig an toiseach bhiodh an làrach a’ gabhail a-steach àite-còmhnaidh airson aoighean, àite-cadail, àite-bidhe agus àite-coinneachaidh – An Seòmar Caibidle. Bha fearann aig na cailleachdan-dubha cuideachd air taobh a deas Loch Staonaig ann am meadhan an eilein agus air eileanan eile faisg air làimh bhom faigheadh iad beagan teachd-a-steach.

Tha deagh leac-uaighe a’ comharrachadh A’ Bhana-phrìoir Anna NicIlleathain a chaochail ann an 1543 air a taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh na h-Abaid.

 

A’ faighinn ann

Till air ais sìos an rathad gu deas seachad air Crois MhicGilleathain bho dheireadh na 15h linn. Tha geata na h-Eaglaise Dhuibhe air do bheulabh, dìreach mus tèid an rathad gu h-obann gu deas dh'ionnsaigh na sgoile.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.1 Na Croisean Mòra agus an Abaid

    Ràinig Calum Cille Eilean Ì ann am 563 an dèidh dha Doire (4.5) ann an Èirinn fhàgail. A rèir beul-aithris, bha Calum Cille a’ coimhead airson àite san togadh e a mhanachainn far nach biodh e comasach dha a sheann dùthaich fhaicinn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.2 Abaid, Clabhstar agus Eileach

    Bha am ‘Vallum’ no an t-Eileach a’ comharrachadh crìoch fearann manachainn Chaluim Chille air Eilean Ì. Chaidh a chruthachadh le dà bhruaich air gach taobh de chlais dhomhain.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.3 Teampall agus Rèilig Òdhrain

    Coisich sìos ‘Sràid nam Mairbh’ bhon Abaid gu Teampall agus Cladh Òdhrain. Bhithte a’ cleachdadh an t-slighe taisteil meadhan-aoiseil airson tòrraidhean air an t-slighe chun chladh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.4 An Eaglais Dhubh

    Chaidh an Eaglais Dhubh a togail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.5 Port nam Mairtear

    Tha Port nam Mairtear dìreach deas air meadhan a’ bhaile, seachad air Bàgh Rònain. Tha e air ainmeachadh às dèidh nan 68 manach a chaidh am marbhadh leis na Lochlannaich a thug ionnsaigh air an eilean ann an 806.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.6 Cnoc nan Aingeal

    A rèir Adhamhnan, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille is e seo far am facas e a’ coinneachadh ris na h-ainglean.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.7 Bàgh Chaluim Chille

    Thàinig Calum Cille gu Eilean Ì bho Earra-Ghàidheal ann an 563 far an robh e air a bhith a’ sireadh cead manachainn a thogail air fearann a bhuineadh don chinneadh a bha a’ riaghladh an sin – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.8 An Cobhan Cùilteach

    Chan eil air fhàgail san là an-diugh den Chobhan Chùilteach ach stèidh chlach nach eil snaighte airson bothan a bha ann an cumadh uighe agus a bhiodh air a thogail le fiodh no sgrathan. Tha an doras dhan àird an iar-dheas gus solas an là a ghlacadh.