Tha Bàgh nam Martairean dìreach deas air a’ bhaile agus an làimrig. Chan eilear cinnteach mu thùs an ainm seo. Nam b' e an t-ainm tùsail Port nam Mairtear, dh'fhaodadh gu bheil e a' toirt tarraing air casgairt nam manach ann an aon de na creachaidhean Lochlannach san 9mh linn. No's dòcha gur bheil am facal 'mairtear' mar choirbteachd de 'martra' no fuidheallan na naoimh, a' comharrachadh an ama nuair a b'fheudar do fhuidheallan Chaluim Chille a bhith air an toirt air falbh airson an cumail sàbhailte. Bha pàirt mhòr aig a' bhàgh ann an seirbhisean tiodhlacaidh a chionn ' s gur ann an seo a bha na cistichean-laighe gan toirt a-steach air bàta agus gan cur sìos air an Ealadh - tulach beag feurach aig cùl a bhàigh. An uair sin, bha iad air an giùlan sìos Sràid nam Marbh, a bha a' tòiseachadh an seo, chun a' chladh agus na h-Abaid.