7.7 Port a' Churaich

Thàinig Calum Cille gu Eilean Ì bho Earra-Ghàidheal ann an 563 far an robh e air a bhith a’ sireadh cead manachainn a thogail air fearann a bhuineadh don chinneadh a bha a’ riaghladh an sin – an Dàl Riata.

Bho chosta Earra-Ghàidheil, is iongantach mun do sheòl e a-nall costa deas Eilean Mhuile agus gun tàinig e air tìr air ceann a deas Eilean Ì san àite ris an canar an-diugh Bàgh Chaluim Chille.

Tha dà phort an seo - Port na Curaich (is e curach, geòla air a dèanamh de chraiceann) agus - Port an Fhir-bhrèige – a tha air an sgaradh ò chèile le sgeir. Thathar ag ràdh gun tàinig Calum Cille air tìr aig Port na Curaich.

St Columba's Bay © Kristin Brown

A rèir beul-aithris, an uair a dh’fhàg Calum Cille Èirinn, bhòidich e gun togadh e manachainn ann an àite às nach fhaiceadh e a dhùthaich fhèin. Agus, a rèir na sgeòil, an uair a thàinig e air tìr air Eilean Ì, dhìrich Calum Cille agus an 12 companach a bha na chois an uair a dh’fhàg e Doire an cnoc air taobh siar Port na Curaich gus dearbhadh gum b’ urrainn dha a ghealladh a chumail. Canar ris a’ chnoc seo ‘Cnoc le Cùl ri Èirinn’. Thathar ag ràdh gun do thill Calum Cille air ais a dh’Èirinn co-dhiù aon uair – gus frithealadh cruinneachadh Drum Ceat – dìreach air taobh a-muigh far a bheil Lèim an Mhadaidh san là an-diugh.

Tha cunntasan eachdraidheil mun bhàgh seo ag innse gun robh dà chàrn chlachan air an tràigh a bha a’ comharrachadh fad bàta Chaluim Chille. Tha cunntas bho thràth san 18mh linn ag ràdh gun robh seo cho fada ri ‘trì sgòr de throighean’ no 60 troigh/18.3 meatair.

Ann an 1963, sheòl buidheann de 13 fear bho Doire gu Eilean Ì ann am bàta a bha coltach ris an t-seòrsa a bhithte a’ cleachdadh aig àm Chaluim Chille, agus rinn iad an turas ann an 8 là agus iad a’ campachadh a h-uile oidhche.

Bidh taistealaich tric a’ cruinneachadh nan clachan air tràigh Bhàgh Chaluim Chille. Canar Marmor Eilean Ì ris na clachan chlach-aoil a gheibhear air taobh iar-dheas an eilein. San 18mh agus san 19mh linn bhiodh luchd-turais gan ceannach bho chlann an eilein mar chuimhneachain.

Bidh cuid de thaistealaich a bhios a’ tadhal air an eilean san là an-diugh a’ togail dà chloich on tràigh. Bidh iad a’ tilgeil aonan a-mach air a’ mhuir mar shamhla air rudeigin nam beatha a bu mhath leotha fhàgail às an dèidh. Bidh iad a’ toirt leotha a’ chlach eile dhachaigh mar shamhla air gealladh ùr a tha iad air a dhèanamh.

Shuas air cùl Port an Fhir-bhrèige tha sreath de 50 càrn de gach meud. Tha grunnan bheachdan ann mun deidhinn – gur e càirn adhlacaidh a tha annta, rud nach eil uabhasach coltach; gun deach an togail le manaich mar pheanas; no gun deach an cruthachadh le taistealaich sna meadhan-aoisean a bhiodh a’ tadhal air an làrach.

 

A’ faighinn ann

Bhon Mhachair agus Cnoc nan Aingeal coisich gu costa deas an eilein agus chun dà thràigh a tha ann am Bàgh Chaluim Chille.

Tha an talamh corrach an seo agus feumaidh tu brogan làidir, dìonach.

Ma tha thu airson an t-slighe dhoirbh a tha seo a sheachnadh, lean ort chun An Cobhan Cùilteach air taobh tuath na Machrach, air taobh siar a’ chnuic ris an canar Dùn Ì, leth mhìle air taobh siar na h-Abaid.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.1 Na Croisean Mòra agus an Abaid

    Ràinig Calum Cille Eilean Ì ann am 563 an dèidh dha Doire (4.5) ann an Èirinn fhàgail. A rèir beul-aithris, bha Calum Cille a’ coimhead airson àite san togadh e a mhanachainn far nach biodh e comasach dha a sheann dùthaich fhaicinn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.2 Abaid, Clabhstar agus Eileach

    Bha am ‘Vallum’ no an t-Eileach a’ comharrachadh crìoch fearann manachainn Chaluim Chille air Eilean Ì. Chaidh a chruthachadh le dà bhruaich air gach taobh de chlais dhomhain.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.3 Teampall agus Rèilig Òdhrain

    Coisich sìos ‘Sràid nam Mairbh’ bhon Abaid gu Teampall agus Cladh Òdhrain. Bhithte a’ cleachdadh an t-slighe taisteil meadhan-aoiseil airson tòrraidhean air an t-slighe chun chladh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.4 An Eaglais Dhubh

    Chaidh an Eaglais Dhubh a togail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.5 Port nam Mairtear

    Tha Port nam Mairtear dìreach deas air meadhan a’ bhaile, seachad air Bàgh Rònain. Tha e air ainmeachadh às dèidh nan 68 manach a chaidh am marbhadh leis na Lochlannaich a thug ionnsaigh air an eilean ann an 806.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.6 Cnoc nan Aingeal

    A rèir Adhamhnan, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille is e seo far am facas e a’ coinneachadh ris na h-ainglean.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.7 Bàgh Chaluim Chille

    Thàinig Calum Cille gu Eilean Ì bho Earra-Ghàidheal ann an 563 far an robh e air a bhith a’ sireadh cead manachainn a thogail air fearann a bhuineadh don chinneadh a bha a’ riaghladh an sin – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.8 An Cobhan Cùilteach

    Chan eil air fhàgail san là an-diugh den Chobhan Chùilteach ach stèidh chlach nach eil snaighte airson bothan a bha ann an cumadh uighe agus a bhiodh air a thogail le fiodh no sgrathan. Tha an doras dhan àird an iar-dheas gus solas an là a ghlacadh.