7.8 An Cobhan Cùilteach

Chan eil air fhàgail san là an-diugh den Chobhan Chùilteach ach stèidh chlach nach eil snaighte airson bothan a bha ann an cumadh uighe agus a bhiodh air a thogail le fiodh no sgrathan. Tha an doras dhan àird an iar-dheas gus solas an là a ghlacadh.

An uair a tha e ag innse sgeulachdan mu bheatha Chaluim Chille, tha Adhamhnan a sgrìobh eachdraidh beatha an naoimh a’ dèanamh dealbh air Eilean Ì agus air beatha nam manach.

Thuirt Adhamhnan,

‘One day, when St Columba was living on Iona, he set off into the wilder parts of the island to find a place secluded from other people where he could pray alone.’

Bhathar a riamh a’ cur cudrom air meòrachadh agus beachd-smuaineachadh spioradail -air falbh bho uallaichean an t-saoghail - an uair a thathar a’ beachdachadh air beatha sa mhanachainn. Bhiodh beagain bhothain na bu lugha aig na manaich agus na cailleachan-dubha a bha air Eilean Ì ann an ceàrnaidhean iomallach den eilean a bhiodh iad a’ cleachdadh mar chùiltean. Bhiodh cuid de mhanaich a’ falbh gu eileanan eile – dh’ainmich Adhamhnan am manach Cormac Ua Liatháin, ‘a truly holy man who no fewer than three times laboured on the ocean in search of a place of retreat yet found none.’

Canar an Cobhan Cùilteach ris an làrach seo agus tha cuid a’ cumail a-mach gur e seo an làrach anns am biodh Calum Cille a’ dol a dh’ùrnaigh. Do chuid de thaistealaich a bhios a’ dol gu Eilean Ì, tha an làrach seo a’ riochdachadh cho cudromach is a tha e a bhith a’ meòrachadh leat fhèin agus ag ùrnaigh, cleachdadh a thàinig sìos bhon naomh gu a luchd-leanmhainn.

Mar a tha fìor mu iomadh làrach a tha co-cheangailte ri naoimh agus ri daoine diadhaidh, chan eil fianais eachdraidheil ann idir airson seo.

Tha an t-ainm ‘Cobhan Cùilteach’ a’ tighinn bhon fhacal ‘cobhan – bogsa no ciste no cill bheag fiodha - agus am facal ‘cùilteach –iomallach, falaichte no prìobhaideach’.

Hermits cell © Pleuntje
 

A’ faighinn ann

Bho Bhàgh Chaluim Chille till air ais chun Mhachair agus lean ort gu Dùn Ì. Is e cearcall de chlachan a tha sa Chobhan Chùilteach air taobh siar Dhùn Ì. Is e an comharra-clèithe air a shon 276 249.

Bhon Chobhan Chùilteach, coisich air ais chun rathaid a tha a’ ruith sear-siar thar an eilein.


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.1 Na Croisean Mòra agus an Abaid

    Ràinig Calum Cille Eilean Ì ann am 563 an dèidh dha Doire (4.5) ann an Èirinn fhàgail. A rèir beul-aithris, bha Calum Cille a’ coimhead airson àite san togadh e a mhanachainn far nach biodh e comasach dha a sheann dùthaich fhaicinn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.2 Abaid, Clabhstar agus Eileach

    Bha am ‘Vallum’ no an t-Eileach a’ comharrachadh crìoch fearann manachainn Chaluim Chille air Eilean Ì. Chaidh a chruthachadh le dà bhruaich air gach taobh de chlais dhomhain.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.3 Teampall agus Rèilig Òdhrain

    Coisich sìos ‘Sràid nam Mairbh’ bhon Abaid gu Teampall agus Cladh Òdhrain. Bhithte a’ cleachdadh an t-slighe taisteil meadhan-aoiseil airson tòrraidhean air an t-slighe chun chladh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.4 An Eaglais Dhubh

    Chaidh an Eaglais Dhubh a togail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.5 Port nam Mairtear

    Tha Port nam Mairtear dìreach deas air meadhan a’ bhaile, seachad air Bàgh Rònain. Tha e air ainmeachadh às dèidh nan 68 manach a chaidh am marbhadh leis na Lochlannaich a thug ionnsaigh air an eilean ann an 806.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.6 Cnoc nan Aingeal

    A rèir Adhamhnan, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille is e seo far am facas e a’ coinneachadh ris na h-ainglean.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.7 Bàgh Chaluim Chille

    Thàinig Calum Cille gu Eilean Ì bho Earra-Ghàidheal ann an 563 far an robh e air a bhith a’ sireadh cead manachainn a thogail air fearann a bhuineadh don chinneadh a bha a’ riaghladh an sin – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.8 An Cobhan Cùilteach

    Chan eil air fhàgail san là an-diugh den Chobhan Chùilteach ach stèidh chlach nach eil snaighte airson bothan a bha ann an cumadh uighe agus a bhiodh air a thogail le fiodh no sgrathan. Tha an doras dhan àird an iar-dheas gus solas an là a ghlacadh.